top of page

Fèis na Càisge | Easter Fèis

Easter Fèis 2025 will take place between 14-17 April at Oban Primary Campus.  

Bidh Fèis Latharna a’ cumail ‘Fèis’ gach bliadhna aig àm na Càisg far am faigh daoine òga aois 8-18 an cothrom a bhith timcheall ceòl traidseanta. Bidh iad ag ionnsachadh diofar ionnstramaidean fad na seachdain agus bidh iad a’ faighinn blasad den Ghàidhlig.

 

Thèid clasaichean a’ ruith tron latha ach tha tòrr thachartsan air an cumail air an oidhche cuideachd leithid; taisbeanadh san taigh dealbh, oidhche na luchd-teagaisg agus ceilidh teaghlaich. Tha fìor dheagh thaghadh de dh’ ionnsramaidean, seinn agus ealain air a thabhainn agus tha iad freagarrach an dà chuid do luchd-ionnsachaidh agus sàr eòlaichean ciùil.

 

Bidh an Fhèis a crìochnachadh le consart nan com-pàirtichean agus ‘s e fior dheagh chothrom a tha seo an cuid tàlant fhaicinn air an àrd ùrlar.  Tha seo fosgailte do phàrantan, teaghlaich agus caraidean.

Cuin? A’ chiad seachdain do làithean-saora na Càisge. Eadar 10m agus 3.30f a h-uile latha. ’S ann 9.45m a bhios clàradh na fèise Diluain. 

 

Càite? Àrainn Bhun-sgoiltean an Òbain

 

Cosgais? £90 airson a’ chiad agus an dàrna phàiste às an aon teaghlach. Bidh gach pàiste bho aon teaghlach an-asgaidh às dèidh sin. 

 

Cia mheud cuspairean as urrainn do chompàitichean a dhèanamh? Bidh compàirtichean a’ dèanamh 4 chlasaichean san latha. ’S iad na h-aon 4 cuspairean, aig an aon àm, gach latha. Gheibhear an cothrom 4 chuspairean a thaghadh san fhoirm-iarrtais agus aon a bharrachd.  

 

Am faigh compàirtichean na clasaichean aca air fad a dhèanamh? Bidh sinn a’ feuchainn cho mòr ’s a ’s urrainn ach bidh e a-rèir cho mòr ’s a ’s urrainn don chlas a bhith, dè cho farsaing ’s a tha ìre-cluiche gach compàirtiche msaa. Mar as trice thèid na chlasaichean a thabhainn do na ciad daoine a chlàr an toiseach. 

 

Am bu chòir dhuinn ar n-ionnsramaidean fhèin a thoirt leinn? Chan fheum mura h-eil ionnsramaidean agaibh a-staigh. Ma tha ionnsramaid agaibh, bheir leibh iad le ur n-ainm fhèin orra. Tha banca beag de dh’ionnsramaidean againn as urrainn do chompàirtichean a dhèanamh feum dhe ach mas urrainn dhuibh ur n-ionnsramaidean fhèin a thoirt leibh, bhiodh sinn fada nur comain.  

 

Am bu chòir dhuinn bogsa-bìdh a thoirt leinn? Bu chòir. Bheir leibh a h-uile latha iad. Bidh sinn cuideachd a’ creic greimeanan-bìdh aig àm lòn. Na toir cnòthan leibh air eagal ’s gu bheil duine nach eil a’ gabhail riutha gu math.  

The Easter Fèis is an annual festival of tuition in traditional music, dance, gaelic song and drama for young people, aged 8 to 18. Both local children and any visitors to the area are all very welcome.

The Easter Fèis week consists of daytime classes followed by a range of evening events including a music session for advanced players and a family ceilidh. Everything from beginner sessions to advanced tuition is offered in a range of musical instruments, voice, shinty and craft.

 

When? During Easter holidays. 10am -3.30pm daily. Registration starts at 9.45am on Monday 14th and this year it ends on the Thursday 17th April.

Where? Oban Primary Campus

How much? Early bird booking is £90 before 25th Feb, thereafter rising to £105, for the 1st & 2nd child of one family. 3rd or more siblings are charged at half-price.

How many classes can participants attend? Participants will attend 4 classes each day. These will be the same 4, at the same times, each day. The booking form allow for 4 class choices plus one reserve, and you can state your experience which can be anything from absolute beginner to advanced. There are a small number of 'double' sessions for older or more experienced musicians.

Will participants definitely get the classes they choose? We strive to accommodate the preferences within classes of appropriate ability but it is not always possible due to the popularity of Easter Fèis - we recommend you book early!

Do we need to supply our own instruments? No but if you have access to (labelled) instruments then please bring them (with labels). We do keep a small stock but appreciate if participants can bring their own, and please let us know in the booking form!

My child has needs some support, can they attend? Yes, with planning we can make adjustments that would allow your child to fully participate. Contact us via mail@feislatharna.org if you have questions prior to booking or simply let us know in the booking form.

Do we need to bring a packed lunch? Yes. Please bring packed lunches daily. There will also be a tuckshop available at lunch times. Please do not bring nuts with packed lunches as other participants may have allergies.

Easter Fèis Tutors 

  • Craig Baxter
  • Iain Beggs
  • Darren Brown
  • Kirsty Campbell
  • Brèagha Charlton
  • Niki Currie 
  • Janet Currie
  • Bronwen Davies
  • Anna Garvin
  • Michael Garvin
  • Denise Gemmell
  • Ewan Henderson
  • Becky Hill
  • Emma Hill 
  • Aaron Hossain
  • Cameron Lawson
  • Seòras Lewis
  • Ross Martin
  • Gregor MacDonald
  • Lorne MacDougall
  • Claire Frances MacNeil
  • Pàdraig MacPherson
  • Gillie O' Flaherty
  • Eilidh Shaw
  • Owen Sinclair
  • Sileas Sinclair 
  • Finlay Wells

It's such a joy to
hear all the children and see them streaming about enjoying music so much.

The kids loved the atmosphere, the music learning, the fun, the tutors, being with their friends and they are buzzing with Feis-ish-ness.

EF FL sponsors 2025_edited.jpg

Fèis Latharna is a Scottish Registered Charity SCIO 53345

bottom of page